Gur sèimh an oidhche
‘s bha na reultan a soillseadh
is dh’éirich a’ghealach cho chiùin ‘s an speur.
Thàinig gach fear is té comhla,
‘s bha an comhlan ciùil ag gleusadh an innealan.
Cluinnidh mi ‘san am seo iad,
‘s iad a’ cluich “Tighinn tro raointean seagail”.
Air do sgeadachadh ann an gorm bha thu cho maiseach,
direach flùr boidheach cailin òg baile bhig.
Thug thu mo làmh is chaidh sinn an aon chem ris a cheòl,
agus le direach aonan ghaire bha thu mo shaoghal gu lèir.
Seisd: Is rinn sinn dannsadh fad na h-oidhche
ris an fhidhill ‘s ris a’ bhainsio.
Bha coltas lionadh an adhair air na fuinn a dhrioft bhuapa.
Chionn ùine mhór, ach cuimhnichidh mi fòs
mar a’ghabh sinn gaol oirrn a cheile aig Feill Roseville.
Ù ma tà, rinn sinn suirghe gu-màth ‘s rinn sinn suirgheadh gu muirneach,
agus thulgadh sinn fad uairean air sèithir-thulgaidh do sgàth-thaigh.
An-sin bha bliadhna air dol seachad air dhomh tachairt riut,
agus fhuair mi agam fhìn thu aig Feill Roseville.
Seisd.
Mar sin seo dhaibh òran, d’ a chuile leanan,
agus so dhaibh fonn a faodagh iad co-roinneadh.
Gun dannsadh iad fad na h-oidhche
ris an fhidhill ‘s ris a’bhainsio
mar a rinn sinn aig Feill Roseville.