Version 01:
Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
cadal ciùin tha air an t-saogh’l
Màiri is Iòsaph ‘san stàbull fhuar
A' freasdal a’ phàisd tha àlainn ‘na shnuadh,
An sìth o nèamh ‘na shuain,
an sìth o nèamh ‘na shuain.
Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
B'e buachaill chunnaic fòs an t-soills
'S a chuala farsaing feadh na tìr
An t-sèisd bh’ aig ceòl an ainglean binn:
Tha Crìosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir,
Tha Crìosd, am Fear-saoraidh, ‘nur còir.
Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
Aon Mhac Dhé, cho maiseach leinn;
Tha gràdh a' boillsgeadh oirnn bho d' ghnùis
'S tha uair nan gràs an-dràsd' dhuinn dlùth,
Shlànaighear, o’n rugadh tu,
Shlànaighear, o’n rugadh tu.
Version 02:
Ciùin an oidhch‘, naomh an oidhch‘,
Saoghal sèimh, balbh gun soils‘,
Moire is Iòsaph, a’ chàraid gaoil,
Caithris an naoidhein bheannaichte, chaoimh,
Suaint’ ann am foist ha bho Nèamh,
Suaint’ ann am foist ha bho Nèamh.
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch',
Nochd na reul a b' àille soills’
Do na Cìobairean shuas air a' bheinn
‘S chualas ainglean le aoibhneas a' seinn:
Crìosd ar Fear-saoaidh a th' ann,
Crìosd ar Fear-saoaidh a th' ann.
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch',
Aon Mhic Dhè 's àille loinn,
Gràdh a' dortadh oirnn bho do ghnùis,
Aoibhneach an uair is Tu còmhnaidh rinn dlùth:
Fàilte dor Slanaighear caoin;
Fàilte dor Slanaighear caoin.