seist:
O 's truagh nach robh mis' ann an gleannan mo ghaoil
Oir tha beannachadh Dhè agus sith ann
Tha na h-aibhnean 's na coilltean as bòidhch' air an t-saoghal
Ann an gleannan mo ghaoil taobh Loch Lìobhainn.
Fàile cùbhraidh an fhraoich tigh'nn thar mullach nam beann
Agus chì thu'n damh ruadh air an fhrìth ann
'S ged shiùbhladh tu Alba chan fhaic thu aon ghleann
Tha cho boidheach rim' ghleann taobh Loch Lìobhainn.
seist
Ann an achadh bheag uaine chaidh lomadh le fàl
Bidh na gillean le'n camain a' strì ann
'S chan 'eil buidheann an siorramachd mhòr EarraGhàidheal
Tha cho clis ris na suinn taobh Loch Lìobhainn.
seist
Tha daoine cho coibhneil 's cho càirdeil 'sa ghleann
'S chan eil aobhar bhith dubhach no sgìth ann,
Is cho fhad's a bhios Ga\idhlig 'ga sgrìobhadh le peann
Bidh mi moladh mo ghleann taobh Loch Lìobhainn.
seist (X2)