Seist (ás déidh gach rann):
Na hú o hó, na hú o hé
na hu o hú o eile
na hú o hé, na hú o hó
Nach truagh leat mi 's tu 'n Éirinn?
'S ann their iad rium on chaidh thu null
Gum bi thu tric aig féilltean
'S gum bi thu cuspaireachd le múirn
Ri Máili ruadh an Éirinn.
Ged sheòladh tu air feadh a' chuain
'S ged ruigeadh tu an Éiphit
Cha threiginn thu air sgàth do chliù
'S cha toirinn géill do bhreugan.
O nach robh agam sgiathan caol
Gun siùbhlainn thar na sléibhtean
Gu seinninn-sa mo dhuanag gaoil
Ri fear tha tàmh an Éirinn.