current location : Lyricf.com
/
Songs
/
Air Fal-Al-Al O lyrics
Air Fal-Al-Al O lyrics
turnover time:2024-12-23 21:49:51
Air Fal-Al-Al O lyrics

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.

A Mhàiri bhàn òg gur òg bha mis' agus thu

An coille nan cnò, 's gu'm pògainn fhéin thu gu dlùth;

Do ghruaidh mar na ròsan, 's bòidheach leam sealladh do ghnùis,

'S chan fhad bhios mi beò ma phòsas fear eil' is thu.

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.

Nuair rachainn air sràid, a ghràidh, bhiodh gini a'm phòc,

'S gu'n òlainn do shlàint 's gach `it an suidhinn mu'n bhòrd,

An cridhe geal fialaidh, aotrom, aighearach òg,

Bu mhilis leam fhéin am beul o'n tigeadh an ceòl.

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.

Nan robh mis' is thu am beinn no 'm monadh no'n sliabh,

No air an tráigh bhàin an áit' nach robh duine riamh,

Seachd oidhche, seachd lá, gun tàmh, gun chadal, gun bhiadh,

Ach thus' a bhi 'ghr`idh 's do làmh gheal tharam gu fial.

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.

A ribhinn ghrinn uasail fhuair mi buille mo chràidh

Nuair chualas Di-luain gu'n d'fhuaraich buileach do ghràidh;

'S tha m'aigne fo ghruaim 'gam bhuaireadh a dh'oidhche 's a là,

'S mo dhùil ris an uaigh 's an t-suain a mhaireas gu bràth.

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Air fal-al-al ó horó air fal-al-al é,

Fal ì fal ó horó air fal-al-al é.

Comments
Welcome to Lyricf comments! Please keep conversations courteous and on-topic. To fosterproductive and respectful conversations, you may see comments from our Community Managers.
Sign up to post
Sort by
Show More Comments
Irish/Scottish/Celtic Folk
  • Languages:English, Welsh, Gaelic (Scottish Gaelic), Gaelic (Irish Gaelic)+3 more, English (Scots), Other, Cornish
  • Genre:Folk
  • Wiki:https://en.wikipedia.org/wiki/Celtic_music
Irish/Scottish/Celtic Folk
Latest update
Copyright 2023-2024 - www.lyricf.com All Rights Reserved