current location : Lyricf.com
/
Songs
/
A Mhic Iain 'ic Sheumais
A Mhic Iain 'ic Sheumais
turnover time:2024-11-22 18:25:06
A Mhic Iain 'ic Sheumais

1. A Mhic Iain 'ic Sheumais

Tha do sgeul air m' aire

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Latha Blàr a' Chèithe

Bha feum air mo leanabh

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

2. Latha Blàr na Fèitheadh

Bha do lèine ballach

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Bha fuil do chuirp uasail

Air uachdar an fhearainn

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

3. Bha mi fhìn ga sùghadh

Gus na thùch air m' anail

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Bha 'n saighead na spreòd

'N corp seòlta na glaine

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

4. Bu cheannard ron t-sluagh thu

Dol suas thro thìr aineoil

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Cha do ghabh thu 'm bristeadh

Làmh leigeadh a faladh

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

5. On latha thug thu 'n cuan ort

Bha gruaim air na beannaibh

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Bha snigh' air na speuraibh

'S bha na reulta galach

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

6. 'S càirdeach a Rìgh Leòdhais

Mo leòmhann glan, uasal

— Air farail ail eò, air farail ail eò

Mu Mhac Iain 'ic Sheumais

Duine treubhach, smiorail

— Hi hò hi ri a bho hi èileadh

Hi ho hi rì a bhò ro a, hu o hi o

Comments
Welcome to Lyricf comments! Please keep conversations courteous and on-topic. To fosterproductive and respectful conversations, you may see comments from our Community Managers.
Sign up to post
Sort by
Show More Comments
Mischa MacPherson
  • country:United Kingdom
  • Languages:Gaelic (Scottish Gaelic)
  • Genre:Folk
  • Official site:https://www.mischamacpherson.com/
Mischa MacPherson
Latest update
Copyright 2023-2024 - www.lyricf.com All Rights Reserved