current location : Lyricf.com
/
Songs
/
A Mhaighdeannan 'S A Mhnathan Òg lyrics
A Mhaighdeannan 'S A Mhnathan Òg lyrics
turnover time:2024-11-04 16:16:56
A Mhaighdeannan 'S A Mhnathan Òg lyrics

A mhaighdeannan 's a mhnathan òg

Hó i rì liù ail o

Hó ro 's na hiuraibh ó

Hó i rì liù ail o

An cuala sibh mar dh' éirich dhómhs'

'Steach gu acarsaid na Sròm

Bhrist an t-slat is shràc an seòl

Chaidh na croinn dhan chuan mhòr

Chaidh na b' fhaide bhuam na seòid

Ged tha aon mhac m' athair beò

Mac mo mhàthair rinn mo leòn

E bhith 'n grunnd a' chuain gun deò

Nach giùlan a cholainn còt'

Nach giùlan a chas a' bhròg

Nach giùlan a làmh an dòrn

'Illean chridheil, bitheamaid beò

Gu dè feum a th' anns a' bhròn

Cha toir caoineadh daoine beò

Nan toireadh, chaoininn-sa gu leò

Comments
Welcome to Lyricf comments! Please keep conversations courteous and on-topic. To fosterproductive and respectful conversations, you may see comments from our Community Managers.
Sign up to post
Sort by