current location : Lyricf.com
/
Songs
/
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi lyrics
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi lyrics
turnover time:2024-11-04 16:27:10
A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi lyrics

A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi;

A ghràidh, leig dhachaigh gum mhàthair mi;

A ghaoil, leig dhachaigh gum mhàthair mi -

An tòir chrodh-laoigh a thàine mi.

Gur ann a-raoir a chuala mi

Mo ghaol a bhith ri buachailleachd,

’S ged fhuair thu ’n iomall na buaile mi,

A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.

'S mi dìreadh ris na gàrraidhean,

’S a’ teàrnadh ris na fàirichean,

Gun d’ thachair fleasgach bàigheil rium,

’S cha d’ dh’ fheuch e bonn ga chàirdeis rium.

Ged bheireadh tu crodh agus caoraich dhomh,

Ged bheireadh tu eachaibh air thaodaibh dhomh,

Ged bheireadh tu sin agus daoine dhomh,

A ghaoil, leig dhachaigh mar fhuair thu mi.

Trodaidh m’ athair ’s mo mhàthair riut,

Trodaidh mo chinneadh ’s mo chàirdean riut,

Ach marbhaidh mo thriùir bhràithrean thu

Mura tèid mi dhachaigh mar thàine mi.

Gheall mo mhàthair gùn thoirt dhomh,

Gheall i ribean a b’ ùire dhomh,

Is gheall i breacan ùr thoirt dhomh

Ma thèid mi dhachaigh mar fhuair thu mi.

Comments
Welcome to Lyricf comments! Please keep conversations courteous and on-topic. To fosterproductive and respectful conversations, you may see comments from our Community Managers.
Sign up to post
Sort by